Àrd
Runrig
The easy, fast & fun way to learn how to sing: 30DaySinger.com
Madainn Dihaoine 's dùthaich fo sgòth 'S mi sgìth le cuid smalan, Mi-mhisneachd is bròn Seo an deicheamh là dhan A' Ghiblean 'sinn fo ghruaim a rithist An co-dhùnadh a cheannaich Na daoine aig prìs Tha spiorad nan daoine Nas soilleir na ghealach Nas doimhne na 'n cuan Gheibh sinn ar n-àite 'san t-saoghal 'S an ginealach ùr Àrd: blàr nan daoine Àrd: guth is saorsa Àrd: tha sinn gluasad Gu h-àrd thèid sinn suas 'S iomadh trioblaide romhainn Nis Gàidheal agus Gall 'S mi le aon sùil air eachdraidh, Aon sùil mo chlann Ach cùm creideamh nad bheatha, Sonas nad chridhe Chan e seo deireadh rathaid Ach toiseach linn Tha spiorad nan daoine Nas soilleir na ghealach Nas doimhne na 'n cuan Gheibh sinn ar n-àite 'san t-saoghal 'S an ginealach ùr Àrd: blàr nan daoine Àrd: guth is saorsa Àrd: tha sinn gluasad Gu h-àrd thèid sinn suas Àrd: blàr nan daoine Àrd: guth is saorsa Àrd: tha sinn gluasad Gu h-àrd thèid sinn suas Chan urrain dhomh fuireach An taigh tha fo sgòth Ach le creideamh is dòchas Mu deireadh mo là Tha an lasair nad anam Aig meadhan do bhith Nas laidir 's nas motha Na riaghaltas no rìgh Àrd: blàr nan daoine Àrd: guth is saorsa Àrd: tha sinn gluasad Gu h-àrd thèid sinn suas
The easy, fast & fun way to learn how to sing: 30DaySinger.com
Written by: Calum MacDonald, Rory MacDonald
Lyrics © BMG Rights Management
Lyrics Licensed & Provided by LyricFind
Citation
Use the citation below to add these lyrics to your bibliography:
Style:MLAChicagoAPA
"Àrd Lyrics." Lyrics.com. STANDS4 LLC, 2024. Web. 7 May 2024. <https://www.lyrics.com/lyric/760359/Runrig/%C3%80rd>.
Discuss the Àrd Lyrics with the community:
Report Comment
We're doing our best to make sure our content is useful, accurate and safe.
If by any chance you spot an inappropriate comment while navigating through our website please use this form to let us know, and we'll take care of it shortly.
Attachment
You need to be logged in to favorite.
Log In